Dòchas mu chosnaidhean aig Àranais
Bhuannaich BiFab, aig a bheil Gàrradh Àranais agus dà ghàrradh eile ann am Fiobha, cùmhnant luach £100m.
Bidh a' chompanaidh a' togail bhunaitean stàilinn son Tuath Gaoith Bheatrice a thèid a stèidheachadh far costa Ghallaibh.
Tha dùil gun cruthaich seo 100 cosnadh ann an Àranais ro àm na Nollaig.
Tha an aithiris seo aig Ruaraidh Rothach.