Burgar balach òg à Leòdhas
Tha gille òg à Leòdhas a' dèanamh air Fèill Àiteachais Dhùn Èideann agus e gu bhith a' taisbeanadh liut shònraichte...ann a bhith a' dèanamh bhurgaran.
Fhuair Calum MacRisnidh, a tha air a' chiad bliadhna ann an Sgoil 'Ic Neacail, troimhe gu a' chuairt dheireannaich agus tha e a-nis a' strì an aghaidh dithis eile bho air feadh Alba feuch cò aig a tha am burgar as fheàrr.
Seo Murray MacLeòid.