Buaidh leudachadh raon deuchainn an MoD
Fulaingidh eaconomaidh na Comraich gu mòr ma thèid raon deuchainn Mhinistearalachd an Dìon sa Lighe Rathairseach a dhèanamh nas motha, a rèir iasgairean sa sgìre.
Tha rannsachadh a' sealltainn gun cailleadh an eaconomaidh ionadail £500,000 gach bliadhna agus gun cuireadh cuid de na h-iasgairean cùl ris a' ghnìomhachas nan deidheadh an raon a leudachadh a dhà uidhir mar a tha an MoD a' moladh.
Dh'iarr na h-iasgairean airgead diolaidh bhon MoD.
Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhòmhnaill.
- Air fhoillseachadh
- 21 An t-Ògmhios 2016
- Earrann
- Naidheachdan