Azura aig acair ann an Steòrnabhagh
Thadhail an soitheach luchd-siubhail as motha a-riamh a bha ann an Steòrnabhagh air a' bhaile an-diugh.
Tha an Azura faisg air 300 meatair a dh'fhaid, agus tha 115,000 mìle tonna de chudthrom innte.
Agus leis an àireamh mhòr a th'oirre tha am baile agus goireasan luchd-turuis air feadh Leòdhais 's na Hearadh air a bhith trang.
Seo Aonghas Dòmhnullach.