BBC Naidheachdan

Toileachas is tàire am measg chroitearan a thaobh bhòt an EU

Le mòran de dh'airgead ann an roinn an àiteachais a' tighinn bhon Roinn Eòrpa tha buil bhòt an referendum a' cur iomagain mhòr air cuid a thuathanaich agus croitearan.

Tha gu leòr eile, ge-ta, a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a' tarraing a-mach às an aonadh 's iad ag ràdh gum faigh iad faochadh bho riaghailtean Eòrpach, a tha iad ag ràdh, a tha a' cur bacadh orra.

Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' sireadh bheachdan chroitearan ann an Uibhist.