Naidheachdan 11:00m

Tha Nicola Sturgeon air a bhith a' coinneachadh ri àrd-oifigich Eòrpach sa Bhruiseil, a bhruidhinn air an dàimh eadar Alba is an EU às dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte bhòtadh airson tarraing a-mach. Na bu tràithe choinnich Prìomh Mhinistear na h-Alba ri Ceann-Suidhe na Pàrlamaid Eòrpaich, Màrtainn Schulz, agus feasgar cumaidh i còmhraidhean ri Ceannard a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker.

'S tha ceannardan dùthchannan an EU a' coinneachadh anns a' Bhruiseil an-dràsta a dheasbad buaidh an referendum. Airson a' chiad uair ann an còrr is 40 bliadhna chaidh Breatainn a dhùnadh a-mach às na còmhraidhean.

Chaidh sgrùdadh muirt a chur air chois ann an Glaschu às dèidh bàs fhireannaich ann an ionnsaigh sgeine. Chaidh poilis a ghairm gu Sràid Abercrombie ann an sgìre Bridgeton goirid às dèidh meadhan oidhche. Chaidh fireannach aosta a thoirt dhan Ospadal Rìoghail, ach chaochaill e goirid às dèidh sin. Tha oifigearan air an rathad timcheall air làrach na h-ionnsaigh a dhùnadh.

Tha oifigich san Tuirc den bheachd gur e an Stàit Ioslamach a bh' air cùl na h-ionnsaigh ceannairce air prìomh phort-adhair Istanbul an-raoir. Chaidh co-dhiù 36 duine a mharbhadh nuair a thòisich triùir luchd-gunna a' losgadh orra mus do spreadh iad bomaichean fèin-mhairbhteach ann am Port-Adhair Ataturk. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gu bheil iad a' rannsachadh an robh Breatannaich sam bith air an goirteachadh anns an ionnsaigh.

Fosglaidh am pròiseas tagraidh airson ceannard ùr a thaghadh dhan Phàrtaidh Thòraidheach a-nochd fhathast. Tha Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnseanan, Stephen Crabb, air innse gun seas esan airson na dreuchd. Tha dùil cuideachd gun cuir Boris Johnson agus Theresa May an ainmean air adhart.

Tha poilis a tha a' rannschadh mar a chaidh an corp aig boireannach à Lunnainn a lorg faisg air Dùn Èideann ag ràdh gu bheil iad air fiosrachadh ùr fhaighinn. Tha iad ag ràdh gun deach Saima Ahmad, a bha 36, fhaicinn air Tràigh Phortobello aig deireadh an Lùnastail an-uiridh. Chaidh a corp a lorg air iomall Dhùn Èideann còig mìosan às dèidh sin, agus chan eil fhios fhathast dè a dh'adhbharaich a bàs.

Agus thèid iarraidh air Labhraiche Thaigh nan Cumantan an-diugh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ainmeachadh mar na Dùbhlannaich oifigeil aig Westminster. Canaidh Buill-Phàrlamaid Nàiseantach gu bheil cùl-taic aig a' cheannard acasan, Aonghas Robastan, na th' aig Jeremy Corbyn. Canaidh iad cuideachd gun deadh aca air a h-uile dreuchd a lìonadh sa chaibineat dùbhlannach, ao-coltach ri ceannard a' Phàrtaidh Làbaraich.