BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal Gove, air innse gu bheil esan cuideachd a' seasamh ann an rèis ceannais a' Phartaidh Thòraidhich. Thuirt Mgr Gove, a bha a' cur taic ri iomairt Fàg, gun robh dùil aige taic a chur ri Boris Johnson, ach gun robh e air tighinn chun a' cho-dhùnaidh nach b'urrainn do sheann mhèar Lunnainn an ceannas a bha a dhìth a thabhainn. Tha cuid a' tomhais gum faodadh seo cron a dhèanamh air iomairt Mhgr Johnson.

Dh' fhoillsich am ball Andrea Leadsom, a bha cuideachd ag iomairt airson Fàg, gu bheil ise cuideachd a' seasamh. Tha Theresa May, Steaphan Crabb agus Liam Fox uile air iad fhèin a chur air adhart.

Tha dùil gun can seann rùnaire dùbhlanach a' ghnothachais, Angela Eagle, gun seas ise an aghaidh Jeremy Corbyn airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. Thuirt Mgr Corbyn an-raoir nach robh e an dùil an dreuchd fhàgail - a dh' aindheoin 's gun do chaill e taic bho 80% de na buill-pàrlamaid aige fhèin.

Tha dùil gun innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, dha na buill pàrlamaid aice an-duigh fhathast mu h-oidhirpean gus Alba a chumail san Aonadh Eòrpach. Bidh a' Bh. Ph. Sturgeon a' freagairt ceistean a' Phrìomh Mhinistear là às dèidh dhith coinneachadh ri luchd-oifigeil anns a' Bhruiseal. Tha an Fhraing agus an Spàinn air a ràdh nach urrainnear dèiligeadh ri Alba ann an dòigh eadar-dhealaichte ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha bomair fèin mharbhtach air ionnsaigh a thoirt air sreath charbadan poilis Afghanach air iomall baile Khabul. Chaidh suas ri 40 oifigear a mharbhadh. Spreadh dà bhoma air carbadan a bha a' giùlain cadetan air ais bho sheirbheis ceumnachaidh air taobh an iar a' bhaile.

Thuirt Rùnaire an Dìon, Mìchael Fallon, gun tèid 170 saighdear eile a chur a dh' Irac airson taic a thoirt do fheachdan na co-bhanntachd an sin. Tha còrr math air 1,000 saighdear Breatannach anns an sgìre sin mar-thà.

Bithear a' caithris na h-oidhche a-nochd air feadh na Rìoghachd Aonaichte airson 100 bliadhna a chomharrachadh bho thòisich Blàr an t-Somme. 'S e aon dha na batail a b' fhuiltiche den Chiad Chogadh. Chaill 20,000 saighdear Breatannach am beatha, dìreach air a' chiad là