BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha na Buill-Phàrlamaid Thòraidheach a' bhòtadh an-diugh anns a' chiad chuairt den taghadh airson ceannard ùir. Tha a' mhòr-chuid dhiubh a' cur an taic ri Rùnaire na Dùthcha, Theresa May. Tha Andrea Leadsom, Mìcheal Gove, Stephen Crabb agus Liam Fox iad fhèin a' seasamh airson na dreuchd.

Thuirt oifis leas-cheannard nan Làbarach, Tom Watson, gum bi e a' bruidhinn ris na ceithir aonaidhean mòra ro dheireadh an là an-diugh mar phàirt den oidhirp toirt air Jeremy Corbyn a dhreuchd fhàgail mar cheannard air a' phàrtaidh. Tha Mgr Corbyn a' diùltadh falbh, ged a tha Buill-Phàrlamaid Làbarach ag ràdh nach eil earbsa aca ann.

Thug Banca Shasainn tuilleadh saoirse dha na bancaichean gus am bi e nas fhasa dhaibh airgead a thoirt seaachad air iasad, agus an Riaghaltas ag amas air an eaconamaidh a bhrosnachadh. Ach tha aithisg bho Bhanca Shasainn ag ràdh gu bheil feadhainn a th' ann am fiachan nas buailtiche fulang ma thèid an eaconamaidh bhuaithe an dèidh na bhòta airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Thuirt buidhnean taic gur e cùis dragh a th' ann gun do leig ceannard an rannsachaidh mu dhrabastachd an aghaidh chloinne an Alba dhith a dreuchd. Dh'fhalbh Susan O' Brien QC, an dèidh do Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, tòiseachadh air pròiseas airson a cur às a dreuchd. Thuirt Mgr Swinney gun deach dragh a thogail mu bhriathran a chleachd Ms O' Brien. Thuirt ise nach eil fìrinn anns na gearainnean a chaidh a thogail na h-aghaidh.

Thuirt Clì Gàidhlig gu bheil dùbhlan mun coinneimh ach gun lean iad orra oir gu bheil e cho cudromach 's a bha e riamh buidheann a bhith ann do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Thàinig air Clì an luchd-obrach a chur bhuapa an dèidh an taic-airgid a chall. Ach thuirt an iar-chathraiche, Raonaid Alcorn, gu bheil bòrd-stiùiridh ann fhathast gu saor-thoileach. Dh'iarr ise air ballrachd na buidhne a dhol chun na coinneimh bliadhnail aca san t-Samhain a bheachdachadh air an t-slighe air adhart dhaibh.

Tha Riaghaltas nan Eilean Fàrach airson pàirt a ghabhail anns an ath-choinneimh eadar na trì comhairlean eileanach an Alba a tha an sàs ann an còmhraidhean airson tuilleadh chumhachdan dha na h-eileanan. Choinnich Ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, ri riochdairean às na h-Eileanan Fàrach bho chionn ghoirid, agus tha esan ag ràdh gu bheil ùidh cuideachd aig Innis Tìle anns na còmhraidhean sin.

Tha muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais a' dol a dh'fheuchainn ri bùth na sgìre a cheannach dhaibh fhèin, agus an tè leis a bheil a' bhùth deònach a reic. Tha dòchas ann cuideachd gun gabh am pumpa connaidh a th' aig a' bhùth càradh ma 's e 's gun soirbhich an iomairt an gnìomhachas a cheannach dhan choimhearsnachd.