An teaghlach Brain aig Holyrood

Thug an teaghlach Brain, a tha ann an cunnart a bhith air an cur a-mach às an dùthaich, fianais do Bhuill-Phàrlamaid mun t-suidheachadh aca.

Thuirt iad ri Comataidh Thaghte Chùisean na Dùthcha gu bheil iad a' feitheamh fios air obair a leigeadh leotha fuireach san dùthaich, 's gur e ceartas nàdarra a bhiodh ann leigeil leotha fuireach.

Tha Iain MacDiarmaid ag aithris.