Citizens Dhùn Èideann air ais
Chan eil ach beagan làithean bho chriochnaich Euro 2016, ach tha seusan ùr a' bhuill-choise ann an Alba gus tòiseachadh.
Am measg nan clubaichean a bhios a' feuchainn anns an lìog anns na mìosan ri tighinn tha ainm ùr - Edinburgh City - a' chiad chluba a tha air tighinn tron t-siostam pioramaid a tha a-nise ann am ball-coise na h-Alba.
'S e cluba a tha seo, ge-tà, a bha san lìog bho chionn fhada, agus aig an robh an spàinn fhiodha cha-mhòr gach seusan.
Chaidh iad an uairsin nan tàmh fad còrr is 30 bliadhna.
A-nise tha Citizens Dhùn Èideann air ais.