Naidheachdan 11:00m
Tha bhòt ann an Taigh nan Cumantan a-nochd air am bu chòir siostam dìon Trident, a tha stèidhichte an-dràsta air Linne Chluaidh, ùrachadh. Tha sgarradh bheachd am measg bhall Làbarach air a' chùis, ach tha saorsa aca bhòtadh mar a thogras iad. Tha an SNP an aghaidh ùrachaidh, ach a dh'aindeoin sin tha dùil gun glèidh an Riaghaltas a' bhòt.
Tha ministearan cèine san Aonadh Eòrpach ag iarraidh air Ceann-Suidhe Erdogan na Tuirce spèis a thoirt dhan lagh eadar-nàiseanta 's do chòirichean daonna nuair a bhios e a' dèiligeadh ris an fheadhainn a bh' air cùlaibh na h-ar-a-mach na aghaidh Dihaoine. Agus bidh na ministearan a tha a' coinneachadh anns a' Bhruiseil an-diugh a' deasbad suidheachadh na Tuirce ri Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry. Tha còrr is 6,000 duine an grèim an dèidh na h-ar-a-mach anns an Tuirc, agus an Ceann-Suidhe Erdogan air a bhith a' bruidhinn air binn bàis a stèidheachadh a-rithist.
Thàinig e am follais gun robh fear a mharbh triùir oifigearan poilis nuair a loisg e orra le gunna ann am Baton Rouge ann an Louisiana, air a bhith a' gearain gu poblach air an dòigh san robh poilis a' dèiligeadh ri daoine dubha. Tha bhideo air tighinn am follais anns an robh Gavin Long ag ràdh gum feum daoine dubha sabaid an aghaidh na tha a' tachairt dhaibh.
Thuirt teaghlach boireannaich à Ceann Rois a chaochail ann an Israel gu bheil rannsachadh an dèidh a bàis a' cur teagaimh ann am beachd gur e bàs nàdarra a thàinig oirre. Thuirt na h-ùghdarrasan ann am baile Elat, gun do chaochail Julie Pearson an dèidh dhi a dhol ann an laigse aig taigh-òsta anns an t-Samhain an-uiridh. Tha a càirdean den bheachd ge-tà, gur e fear air an robh i eòlach a thug ionnsaigh oirre, agus tha iad airson a' chùis fhosgladh às ùr.
Tha dragh ann an Uibhist gum faodadh falbh às an Aonadh Eòrpach buaidh nas motha 's nas miosa a thoirt air an sgìre sin, leis cho cudromach 's a tha croitearachd dhan eaconamaidh aca. Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan, gu bheil na h-uimhir de dhaoine air fios a chur air, le dragh gun caill iad an subsadaidh Eòrpach, agus thuirt e gun deach litir mun chùis a chur gu rùnaire na h-eaconamaidh dùthchail, Fearghas Ewing.
Agus tha Aonadh nan Tuathanach air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil dragh orra nach eil tuigse cheart aig Rùnaire ùr nan Cùisean Dùthchail ann an Westminster, Andrea Leadsom, air cho cudromach 's a tha taic subsadaidh do thuathanaich agus croitearan. Thuirt a' Bh.Ph. Leadsom ron an seo, gu bheil i den bheachd gum bu chòir sguir de shubsadaidh dhan ghnìomhachas.