BBC Naidheachdan

Carragh-chuimhne Ghleann Fhionnainn air sgeadachadh

Chaidh carragh-chuimhne Ghleann Fhionnainn a sgeadachadh as ùr.

Bha an aimsir agus tuiltean air milleadh a dhèanamh air, agus tha e a' dol gu aon taobh.

Chaidh uidheamachd a chuir ann airson sùil mhionaideach a chumail air a sin.

Chosg an obair sgeadachaidh £170,000.