BBC Naidheachdan

Geamaichean Uibhist a Deas

A dh'aindeoin madainn ghruamach agus trioblaidean còmhdhail nochd na ceudan a-mach airson geamaichean Uibhist a Deas Diciadain.

Ged nach robh an t-side cho math 's a mhiannaicheadh daoine, cha do chuir sin bacadh air na bha aig na geamaichean air machair Aisgearnais.

Agus mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris, eadar pìobaireachd, dannsa agus lùth-chleasachd, bha pailteas ri fhaicinn agus ri chluinntinn.