Draghan bhall-pàrlamaid mu obraichean Uibhist
Gheall ball-pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster strì a dhèanamh son obraichean aig raon rocaidean Uibhist a ghlèidheadh.
Thuirt Aonghas Briannan MacNèill gu robh e air a bhith a' bruidhinn ri QinetiQ agus gu robh e a' tuigse gu robh 19 consaidhean ann an cunnart agus gu robh co-luadar gu bhith air a dhèanamh mun deidhinn.
Às na 19 cosnaidhean sin tha e a' tuigse gum bi sia obraichean a' falbh.
Mairidh an co-luadar dà mhìos.
Thuirt Mgr MacNèill gu sgrìobhadh e gu Ministreachd an Dìon mun chùis 's e ag radh gu bheil argamaid làidir ann son obraichean Uibhist a chumail..
- Air fhoillseachadh
- 26 An t-Iuchar 2016
- Earrann
- Naidheachdan