Naidheachdan 11:00m

Thuirt poilis anns an Fhraing gun do mharbh iad dithis le sginnean a chuir na h-uimhir de dhaoine am bruid ann an eaglais ann an ceann a tuath na dùthcha. Tha aithrisean ann gun deach sagart a mharbhadh cuideachd anns an tachartas aig eaglais faisg air Rouen, ann an Normandaidh.

Chaidh 19 duine a mharbhadh ann an ionnsaigh sgeine aig dachaigh do dhaoine ciorramach faisg air Tokyo ann an Iapan. Tha na Poilis a' ceasnachadh duine, a tha 26 bliadhna de dh'aois, a b' àbhaist a bhith ag obair aig an dachaigh.

Tha còrr is 300 de luchd-obrach na h-ola sa Chuan a Tuath an sàs ann an stailc fad là 's iad a' gearain air gearradh nam pàigheadh agus cùmhnantan obrach ùra. Tha an stailc am measg ballrachd nan aonaidhean Unite agus RMT a toirt buaidh air seachd chlàran ola.

Tha an riaghladair Ofcom ag ràdh gum bu chòir BT Openreach a stèidheachadh mar chompanaidh fa-leth an taobh a-staigh buidheann BT gu lèir. Ach chan eil Ofcom a' dol cho fada 's a tha cuid ag iarraidh, 's e sin Openreach a reic, agus càineadh ann air cho truagh 's a tha seirbheis a' bhainn-leathainn agus air na tha BT a' cosg de dh'airgead air an t-seirbheis sin.

Thug Banca Rìoghail na h-Alba agus Natwest rabhadh do luchd-cleachdaidh gum faodadh cosgais a bharrachd a dhol orra airson airgead a chumail ann an cunntasan gnothachais ma thuiteas an riadh fo neoni. Cha toir sin buaidh sam bith air cunntasan banca pearsanta.

Tha dragh ann an Uibhist gun caill mu shianar an obair aig raon nan rocaidean. Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Raghnall MacFhionnghain, gu bheil mì-chinnt ann leis nach eil QinetiQ, a tha a' ruith an raoin, ag ràdh mòran mun t-suidheachadh. Ach tha esan ag ràdh gun toireadh call-cosnaidh droch bhuaidh air eaconamaidh Uibhist, gu h-àraidh ma s' e dreuchdan air deagh thuarastal a bhios ann. Agus tha ceist air cuideachd gum feum luchd-obrach Uibhist farpais an aghaidh dhaoine bho làraichean eile aig QinetiQ airson nan dreuchdan a thèid fhàgail.

Thuit prothaid na companaidh ola BP mu 44% gu £55m air na trì mìosan mu dheireadh. Thuirt a' chompanaidh gur e prìs ìosal a' ghas agus ola as coireach.

Chaochaill an seinneadair Gàidhlig Magaidh NicDhòmhnaill, a bha an dèidh ùine a' fulang le aillse. Bhuineadh i do theaghlach ainmeil a' chiùil, Caimbeulaich a' Ghnìob anns an Eilean Sgitheanach. Ghlèidh i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Omhain ann an 1994, agus bha i cuideachd na ball den chòmhlan Cliar.

Air fhoillseachadh