BBC Naidheachdan

Fèill àiteachais Cheann a Deas na Hearadh

A dh' aindheoin sìde rudeigin bagarrach, nochd na ceudan aig Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh.

'S e deagh chothrom a th' ann do shean agus òg sa choimhearsnachd tighinn còmhla, agus cothrom do chroitearan an stoc aca a thaisbeanadh agus 's dòcha duais fhaighinn.

Ach theab nach do thachair fèill na bliadhna seo idir.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.