BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha tuilleadh teagamh ann mu na planaichean airson a' chiad stèisein niuclasaich ann am Breatainn ann an còrr is 20 bliadhna. Leig an Riaghaltas fhaicinn an-raoir gum bi ùine den Fhoghar ann a-niste mus dèan iad co-dhùnadh air an leasachadh aig Hinkley Point ann an Somerset. Ged a chuir a' chompanaidh chumhachd Fhraingeach, EDF, an taic ris an-dè. Thuirt an t-aonadh an GMB nach eil mì-chinnt an Riaghaltais na chuideachadh sam bith, ged a tha feadhainn eile a' cur teagamh ann an èifeachd agus cosgais na sgeama.

Thèid luchd-obrach na h-ola sa Chuan a Tuath air stailc a-rithist an ath-sheachdain, fad dà là an turas seo. Tha feadhainn a tha ag obair dhan Wood Group a' gearain air am pàigheadh agus air cùmhnantan ùra. Bha a' chiad stailc sa Chuan a Tuath ann an còrr is 30 bliadhna ann aig toiseach na seachdain seo.

Ghabh Hillary Clinton gu foirmeil ri seasamh dha na Deamocrataich ann an taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte. Thuirt i na h-òraid ann am Philadelphia nach urrainn do shluagh Aimeireaga earbsa sam bith a chur ann an tagraiche nam Poblachdach, Dòmhnall Trump.

Tha Arm nan Stàitean Aonaichte a' rannsachadh aithrisean gun deach sìobhaltaich a mharbhadh nuair a thug itealan cogaidh Aimeireaganach ionnsaigh air sgìre faisg air Aleppo ann an Siria. Dh'aidich na Stàitean Aonaichte gun robh na h-itealain aca san sgìre sin aig an àm. Tha an Stàit Ioslamach a' cumail a-mach gun deach clann a mharbhadh anns an ionnsaigh.

Thuit prothaid ro chìsean aig Banca Barclays còrr is 20% gu beagan a bharrachd air £2bn air a' chiad leth den bhliadhna. Thuirt am banca gu bheil teagamh, an dèidh na bhòta airson falbh às an Aonadh Eòrpach, cunnart bho chrìonadh eaonamach eile agus mì-chinnt ann am margaidh an taigheadais uile a' toirt droch bhuaidh air a' ghnìomhachas aca.

Tha Ofgem a' rannsachadh na sgeama pre-payment meter aig SSE. Thuirt a' bhuidheann riaghlaidh gu bheil dragh ann gu bheil SSE a' cur luchd-cleachdaidh gu cùmhnantan far am feum iad pàigheadh airson cumhachd ro-làimh, 's gu bheil seo gu h-àraidh a' toirt buaidh air luchd-cleachdaidh nach eil cho math dheth, agus a dh'fhaodadh a bhith ann an suidheachadh far an tèid am fàgail gun dealan no gas.

Tha West End Care Eta, a' chompanaidh a bha am beachd dachaigh cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a cheannach, ag ràdh gur e fìor-bhriseadh dùil a bh' ann nach tàinig iad fhèin agus HC1, leis a bheil e, gu aonta. Cha tèid an dachaigh a reic a-niste. Thuirt West End Care gun robh iad am beachd an dachaigh a leasachadh agus a leudachadh, agus gun deach fàilte air na planaichean a bha sin.