Clàr-ola air a dhol air tìr
Chaidh clàr-ola air tìr air taobh siar Leòdhais às dèidh dha briseadh air falbh bho bhàta-slaodaidh.
Thàinig an clàr, anns a bheil 17,000 tunna de chuideam, gu tìr faisg air Càrlabhagh tràth madainn Diluain.
Cha robh duine air bòrd aig an àm.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.