BBC Naidheachdan

Misneachd mun Chlò Mhòr

Coltach ri gnìomhachasan gu leòr eile ann am Breatainn, chan eil fios fhathast mar a bheir Brexit buaidh air a' Chlò Mhòr.

Ach a dh'aindeoin na mì-chinnt, chan eil an fheadhainn ris a bheil an gnìomhachas an urra ro dhubhach mun àm ri teachd.

Thàinig iad cruinn Disathairne airson Là Fèis a' Chlò Hearaich - a' moladh soirbheachas a' ghnìomhachais sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.