BBC Naidheachdan

'Luach' ann a seirbheisean Gàidhlig a BhBC

Tha luach ga chuir air seirbheisean Gàidhlig a' BhBC leis an luchd-cleachaidh a-rèir aithisg ùr bho Urras a' BhBC.

Tha an t-Urras air a bhi a' sgrùdadh sheirbheisean an Alba agus tha iad ag ràdh gu bheil BBC Radio nan Gàidheal "a' cur ri saoranachd is cultar na Gàidhlig".

Thog iad air an 'ìre àrd de phrògraman ath-aithriseach' a tha a' nochdadh air an sianal, agus chuir iad taic ris an dòigh sa bheil BBC Alba air fo-thiotalan a' chleachdadh, ag ràdh gum biodh roghainn math, ach gum bu chòir leanntain leis an dòigh-obrach a th'ann an-drasta, ri linn cosgaisean.