Taic dha Plana Gàidhlig Obar Dheathain

Bhòt Comhairle Bhaile Obar Dheathain gus taic a chur ris a phlana Gàidhlig aca.

Tha connspaid air a bhith a'cuairteachadh a phlana agus cuid de chòmhairlichean ag ràdh gum biodh e na bu fhreagarraiche an t-airgead a chosg air rudan eile, leis nach eil a Ghàidhlig cho làidir as a sgìre, an coimeas ri sgìrean eile.

Chaidh oidhirp a dheànamh gus dàil a chur air a ghnothaich, ach chaidh bhòtadh an aghaidh sin le comhairlichean.