BBC Naidheachdan

Prìsean uain suas aig Fèill Leòdhais

Bha prìsean an àirde còrr air £4 sa chumantas aig a chiad fèill-uain dhen t-seasan aig Margaidh Sprèidh Leòdhais is na Hearadh.

Chaidh teannadh ri 3500 beathach a reic agus ràinig na h-uain as fhèarr còrr air £20.