Crìonadh ann an obair a' chlò
Tha obair a' Chlò Mhòir beagan nas sàmhaiche an-dràsta na bha aig an àm-sa an-uiridh.
Tha a' mhuillinn ann an Steòrnabhagh a' deànamh chlòitean an-dràsda airson 's gum bi iad aca nuair a thèid iarrtas an-àirde a-rithist.
Thuirt Muilinn Shiaboist gu bheil iadsan air òrdughan a cho-lionadh nas tràithe na rinn iad aig an aon àm an-uiridh.
Ach tha iad an dòchas le taisbeanadh fasain Premier Vision an ceann ceala-deug gun tog cùisean a-rithist.
Le barrachd seo Aonghas Dòmhnallach.
- Air fhoillseachadh
- 31 An Lùnastal 2016
- Earrann
- Naidheachdan