BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Poilis na h-Alba gun tàinig faisg air 2,000 cùis de dh'ìomhaighean drabasta cloinne dhan aire air an trì bliadhna mu dheireadh. Bha àrdachadh de 17% ann an-uiridh - an t-àrdachadh as motha aig sgìre poilis sam bith ann am Breatainn. Thuirt Comann Nàiseanta Dìon na Cloinne gum feum gu bheil e follaiseach gu bheil an trioblaid a' sìor fhàs, agus gum feum na Poilis agus companaidhean an eadar-lìn barrachd a dhèanamh mu dheidhinn.

Thuirt Dòmhnall Trump, ma 's e an ath-Cheann-Suidhe air na Stàitean Aonaichte gun cuir e milleanan de luchd-imrich mhì-laghail a-mach às an dùthaich. Bha tagraiche nam Poblachdach a' bruidhinn ann an Arizona an-raoir goirid an dèidh dha tighinn à Meagsago far an do bhruidhinn e ri Ceann-Suidhe na dùthcha sin mu a phlana airson balla a thogail eadar Meagsago agus na Stàitean Aonaichte. Thuirt Mgr Trump gur ann air Meagsago a bhios cosgais a' bhalla sin, ach thuirt Meagsago nach pàigh iad dad dheth.

Thuirt àrd-oifigeach Apple, Tim Cook, gur e co-dhùnadh poileataigeach agus mì-chothromach dhan tàinig an Coimisean Eòrpach nuair a thuirt iad gum feum Apple £11bn de chìsean a phàigheadh air ais do Riaghaltas Phoblachd na h-Èireann. Dh'innis Mgr Cook dhan chraoladair Èireannach RTÉ gu bheil caothach air Apple leis a' bheachd gun do rinn iad dad mì-laghail, agus thuirt e gun deach an Coimisean Eòrpach ro fhada buileach an turas seo.

Tha British Airways a' tòiseachadh air seirbheisean dìreach eadar Lunnainn agus Tehran a-rithist an-diugh airson a' chiad uair bho 2012. Tha seo an dèidh do Bhreatainn feadhainn de na casg-bhannan air Ioran a thogail anns a' Ghiblean am-bliadhna.

Tha croitearan Chuil Uaraich ann an Leòdhas a' ceasnachadh seasamh laghail a' chonstabail a chuir Coimisean na Croitearachd an àite comataidh ionaltraidh a' bhaile. Dh'fhoillsich na croitearan pàipear a' freagairt cheistean a thog an constabal mun deidhinn, agus iad cuideachd a' fàgail air a' chonstabal nach do rinn e a chuid obrach fhèin mar a bu chòir dha.

Tha an SNP ag ràdh gu bheil teagamh ann fhathast mu ghearastan an airm aig Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis an dèidh litir bho Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, anns an tuirt e nach eil gealltanas sam bith ann gum fuirich an t-arm aig Gearastan Deòrsa. Tha fear de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Fearghas Ewing, ag ràdh nach eil an litir ach a' cur ris a' mhì-chinnt mun ghearastan.

Thòisich Riaghaltas na h-Alba conaltradh air stiùireadh gnìomhachas coille na h-Alba. Bheireadh am plana a th' aca làn-smachd air coilltearachd do Holyrood, le buidhinn ùir os cionn choilltean a bhuineas dhan Stàit, agus fearann poblach na h-Alba gu lèir. Thuirt a' bhuidheann a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachas, Confor, gur e cothrom leasachaidh a tha seo do roinn air an tàinig fàs a leth-uimhir a-rithist bho 2008.