An Coimisean a' sireadh àrd-oifigear ùr
Feumaidh Coimisean na Croitearachd àrd-oifigear ùr fhastadh às dèidh do Chatrìona NicIlleathain innse gu bheil i air dreuchd ùr fhaighinn le Riaghaltas na h-Alba.
Tha an naidheachd a' tighinn agus connspaid mun dòigh anns a bheil an coimisean a' dèiligeadh le comataidhean ionaltraidh a' leantainn.
Chaidh ceistean mu a sin a thogail aig Fòrum na Croitearachd ann an Inbhir Nis an-diugh - mar a tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 6 An t-Sultain 2016
- Earrann
- Naidheachdan