BBC Naidheachdan

Deireadh na mìos mus gluais an clàr-ola

Tha dùil a-nis gum bi faisg air deireadh na mìos ann mus tèid an clàr-ola Transocean Winner a ghluasad às an Loch a Tuath ann an Leòdhas.

Tha ball pàrlamaid na sgìre air gealltanas fhaighinn gun dèan comataidh thaghta na còmhdhail rannsachadh - a mhaireas aon latha - air mar a chaidh i air tìr sa chiad àite, agus air an fheum a th'air bàta-slaodaidh sa Chuan Sgìth.

Seo Aonghas Dòmhnullach.