Clach Chochno san fhollais uair eile
'S i aon de na clachan as prìseile den t-seòrsa a th'anns an Roinn Eòrpa.
Tha na comharran oirre a' dol air ais 5,000 bliadhna.
Ach 'son an 50 bliadhna mu dheireadh tha i air a bhith tìodhlaichte fon talamh 'son a cumail sàbhailte bho mhilleadh a' phobaill.
An t-seachdain seo, thathas a' toirt Clach Chochno air ais dhan fhollais 'son a sgrùdadh agus a clàradh gu digiteach.
Seo Iain MacDiarmaid.