Naidheachdan 11:00m

Dh'innis Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, dhan Phrìomhaire gum feumar tòiseachadh cho luath 's as urrainn air a' phròiseas fo am fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Tusk, aig coinnneimh ann an Sràid Downing an-diugh, gur i Theresa May a dh'fheumas an ceum sin a ghabhail. Tha ceannardan dùthcha an EU a' coinneachadh ann am Bratislava an ath-sheachdain, às aonais Bhreatainn, airson a' chiad uair bho bha a' bhòt ann airson falbh às an EU.

Bheir Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, fiosrachadh às ùr do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh mu atharrachadh ann an sgeama neach-ainmichte an Riaghaltais. Chuireadh an sgeama neach-ainmichte mu choinneimh gach duine nas òige na 18 bliadhna, ach chaidh maill air le riaghladh bhon Phrìomh Chùirt gu bheil earrann den sgeama mì-laghail. Tha na Tòraidhean ag iarraidh cur às gu lèir dhan sgeama agus tha na Làbaraich airson feadhainn eadar 16 bliadhna agus 18 bliadhna de dh'aois fhàgail às.

Childline

Chuir còrr 's 900 duine-cloinne fios air Childline ann an Alba an-uiridh gun robh smuaintean aca mu làmh a chur nam beatha fhèin. Tha aithisg bho Chomann Nàiseanta Dìon na Cloinne ag ràdh gun robh an cathrannas a' faighinn fios den t-seòrsa sin mu 18 tursan gach seachdain, agus ann an iomadh cùis gun robh uimhir de dhragh air luchd-comhairleachaidh na seirbheis mu shuidheachadh na cloinne agus gun do chuir iad fios air na seirbheisean èiginn.

Thuirt Riaghlatas na h-Alba gu bheil còrr 's 500,000 acaire fearainn ann an Alba a-nist fo smachd coimhearsnachd agus gu bheil sin na chuideachadh do dh'eaconamaidh nan sgìrean sin agus a' glèidheadh àireamh an t-sluaigh. Ach tha na Tòraidhean ag ràdh gu bheil ath-leasachadh air lagh an fhearainn a' ciallachadh gu bheil an Riaghaltas a' gabhail cus gnothaich ri uachdranas an fhearainn.

Tha Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Humza Yousaf, a' càineadh mar a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' diùltadh measadh sàbhailteachd a dhèanamh air am bu chòir an dàrna bàta-slaodaidh a stèidheachadh ann an ceann a tuath na h-Alba. Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich an t-seachdain seo nach cuir iad tug ann an Steòrnabhagh a-rithist ach gum bi an tè a th' ann an Arcaibh nas trice air a' chosta an iar.

BBC ALBA

Chuir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, a thaic ris an iomairt a tha ag iarraidh air a' BhBC tuilleadh taic a thoirt do BhBC ALBA. Tha MG ALBA ag iarraidh deich uairean de shìde de phrògraman ùra do BhBC ALBA gach seachdain, a dhà uimhir 's a th' ann an-dràsta. Thuirt Mgr Swinney, na litir gu Àrd-Stiùiriche a' BhBC, am Morair Hall, nach eil e ach cothromach tuilleadh taic iarraidh do sheasmhachd agus leasachadh air BBC ALBA.