Ciad cheap Bhun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Tha obair air tòiseachadh air Sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh.
Chaidh a' chiad cheap a ghearradh Diluain le dithis sgoilearan.
Tha am pròiseact a' dol a chosg timcheal air £10m, agus tha dùil gum fosgail an sgoil ùr ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.
Tha an sgoil ga meas mar cheum cudromach do dh'fhoghlam Ghàidhlig.
Tha Eileen NicDhomhnaill ag aithris.