BBC Naidheachdan

Mì-thoileachas a-measg chroitearan Chuil Uaraich

Choisich grunnan de chroitearan Chuil Uaraich a-mach à coinneamh a-nochd - leis a' chonastabal a chaidh a chuir dhan bhaile le Coimisean na Croitearachd.

Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh a' bhaile bho chaidh a' chomataidh ionaltraidh a chuir às an dreuchdan leis a' Choimisean bho chionn còig mìosan.

Chuir am fear-naidheachd againn Aonghas Dòmhnallach an aithris seo thugainn à Ionad Spòrs a' bhaile - far a bheil a' choinneamh a' dol.