BBC Naidheachdan

Rannsachadh arc-eòlais ann an Nis

Tòisichidh obair-rannsachaidh air làrach ann an Nis an ath-bhliadhna far a bheil daoine air a bhith a' tighinn beò son còrr air mìle bliadhna co-dhiù.

Fhuaireadh stuth air an tom air machair Shuaineboist a' dol air ais gu àm nan Lochlannach.

Tha arceòlaichean a' feuchainn ri maoineachadh gu leòr a lorg a leigeas leotha cladhadh ceart a dhèanamh.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.