BBC Naidheachdan

Là math aig croitearan aig fèill Phort Rìgh

Bha là math aig croitearan an Eilein Sgitheanaich Diluain agus laoigh a' faighinn deagh phrìsean aig an fhèill ann am Port Rìgh.

Chaidh còrr is mìle beathach a reic leis na laoigh òga a' faighinn nam prìsean a b' fheàrr.

B'e adhbhar toileachais a bh' ann gu h-àraidh do chroitearan a dh'fhulaing dàil ann a bhith a' faighinn subsadaidhean na bu tràithe air a' bhliadhna.

Seo Calum MacIlleathain