"Cnapan-starra" ro leasachadh san t-Òb
Tha buidheann sna Hearadh, a tha a' feuchainn ri seann thogalach Bun-Sgoil an t-Òib a leasachadh, a' cumail a-mach gu bheil oifigich Chomhairle nan Eilean Siar a' cur chnapan-starra mun coinneimh.
Tha iad airson an togalach a ghlèidheadh agus a dhèanamh na ionad coimhearsnachd.
Tha iad ag iarraidh air comhairlichean taic a chur riutha.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.