Dragh mu airgead LEADER
Dh'fhaodadh cuibhreann math dhen storas airgid LEADER a bhith air a chall agus an clàr-ama air a shon air teannachadh fo bhuaidh Bhrexit.
Bha dùil gu robh an t-airgead gu bhith sàbhailte airson grunn bhliadhnaichean fhathast ach dh'aidich an Riaghaltas gum feumar a-nis a chosg ro dheireadh na Samhna.
Tha seo a-nis a' cuir cheist mu choinneamh nam pròiseactan a bh'anns an amharc.
Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.