BBC Naidheachdan

Seirbheis adhair còig là ga iarraidh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh taic Rùnaire na Slàinte airson seirbheis adhair còig là san t-seachdain a stèidheachadh a-rithist eadar Steòrnabhagh agus Beinn na Faoghla. Thèid an cùmhnant a-mach gu tairgse as ùr an ceann sia mìosan agus chan eil dùil ri tuilleadh taic-stàite airson an t-seirbheis a leudachadh. Ach tha beachd ann gum bu chòir do Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar airgead a thoirt seachad leis gum bi na h-uimhir de dh' euslaintich a' siubhal air a' phlèana. Tha Eilidh NicLeòid ag aithris: