Tha sgìre Shawlands a' faighinn buannachd mhòr bho bhùitean beaga
Tha bùitean beaga neo-eiseamalach a dèanamh tòrr feum do choimhearsnachdan a rèir rannsachaidh bhon a bhuidhean àrachais Axa.
Tha iad a cuir air doigh tachartasan, cumail airgead san sgìre agus cuideachadh le bhith a dèanamh leasachaidhean air an àite.
Tha a bhuidhean air togail air sgìre Shawlands ann an Glaschu mar àite tha air na buannachdan sin fhaicinn.
Chaidh Iain MacDiarmaid ann dhuinne.