Brosnachadh do dhaoine a bhith nan tabhartairean bun-chealla
Tha deugaire as an Òban a' brosnachadh dhaoine a bhith nan tabhartairean bun-cheallan.
Tha Laura Chaimbeul an-dràsta san ospadal an Glaschu fo leigheas airson tinneas a' chealla-bhain, neo Leukemia - airson an treas turas na beatha.
Aig cruinneachadh san Òban an t-seachdain sa chaidh, chuir còrr is 200 ainm ri clàr-tabhartais nam bun-cheallan.