Leasachadh ga dhèanamh air siostam uisge Uibhist a Deas

Bu chòir nach bi duilgheadas aig Uibhist a Deas le gainnead uisge a-rithist. Tha e duilich a chreids, ach an-uiridh, b' fheudar pìob a ruith eadar Uibhist a Deas agus Beinn na Fadhla airson greis leis gun robh dragh ann gun robh am bùrn ann an Uibhist a Deas a' fàs gann. Thathas a-nis a' cur ceangal stèidhichte eadar an dà eilean agus thathas an dòchas gum bi sin deiseil an ceann beagan sheachdainean. Bidh a' chuid as motha dhan obair furasta gu leòr ach dh'fhaodadh gum bi dàil air carbadan nuair a thathas a' toirt a' phìob tarsaing air Loch Bì. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.