40 bliadhna ga chomharrachadh bho thòisich Acair

Tha am foillsichear Acair 40 bliadhna air a' bhliadhna seo fhèin. Chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh airson leabhraichean Gàidhlig fhoillseachadh do chloinn-sgoile. An-diugh ge-tà, tha iad a' foillseachadh iomadh seòrsa leabhar, gach cuid ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Ach le uidhir ga fhoillseachadh air-loidhne a-nis, dè cho cinnteach 's a tha an t-slighe a tha romhpa? Seo Aonghas Dòmhnallach ...