Sgioba na Gàidhealtachd a' falbh gu farpais speileireachd dèigh co-thìmichte na h-Alba
Tòisichidh farpais speileireachd dèigh co-thìmichte na h-Alba ann an Dùn Phris Dihaoine.
An-uiridh fhuair na trì sgiobaidhean aig cluba na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis buinn òr aig na farpaisean.
Chaidh Seonaidh MacCoinnich dhan sèisean trèinidh mu dheireadh aca ron turas a Dhùn Phris.