BBC Naidheachdan

Suas ri 60 cosnadh ann an cunnart an Cinn Tìre

Dh'innis a' chompanaidh CS Wind aig a bheil factaraidh chrann-gaoithe ann an Cinn Tìre gu bheil suas ri 60 duine a' dol a chall an cuid dhreuchdan.

Tha còrr is 150 luchd-obrach aig an ionad a bhuineas do chompanaidh à Coiria.

Tha mar a tharraing Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an subsadaidh air falbh bho phròiseactan cumhachd na gaoithe air tìr - a-measg na tha ga choireachadh airson trioblaidean na companaidh.

Seo Andreas Wolff.