Cead do dh'fhactaraidh biadh-èisg ùr san Eilean Sgitheanach
Chaidh cead a thoirt an-diugh do dh'fhactaraidh a nì biadh-èisg a thogail ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
Tha Marine Harvest ag ràdh gun cruthaich an t-ionad, faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich, còrr is leth-cheud cosnadh.
Ach bha dragh air cuid de chomhairlichean mu mheud nan togalaichean.
Le tuilleadh, seo Iain Macaonghais.