BBC Naidheachdan

Srùbain glè phailt ann an Uibhist

Tha sgrùdadh ùr air pailteas agus meudachd an t-srùbain air tràighean ann an Uibhist air sealltain gu bheil deagh chothrom ann fhathast an gnìomhachas a leudachadh.

Ach, airson a' chùis a thoirt air adhart, chuala coinneamh ann am Beinn nam Fadhla, gu bheil fuasgladh a dhìth air cuid dhan na riaghailtean - agus gu bheil stiùireadh teann cudromach airson a chumail seasmhach.

Seo Shona NicDhòmhnaill.