BBC Naidheachdan

Eilean Bhòid a-mach às an lìog nàiseanta

Tha Eilean Bhòid air an sgioba aca a tharraing a-mach às an lìog nàiseanta.

Thuirt an club gum biodh e do-dhèanta dhaibh na geamaichean aca san lìog sin a choileanadh leis a th'ann de shiubhail na chois.

'S ann sa chiad lìog aig deas a bhios an sgioba a' cluich am bliadhna mar sin, 's tha dùbhlan air thoiseach orra.