Treas roghainn ma thig an dàrna referendum?

Thuirt ceannard Albannach nan Làbarach, Kezia Dugdale, gu faodadh treas roghainn eadar neo-eisimeileachd agus an 'status quo' a bhith air a' phàipear-bhòtaidh ann an referendum eile air neo-eisimeileachd.

Bha i a' bruidhinn às dèidh do cho-labhairt a' phàrtaidh taic a chur ri siostam riaghlaidh feadaralaich airson na Rìoghachd Aonaichte.