Alba dol suas an clàr Rugbaidh na cruinne

Tha Alba air gluasad suas gu àireamh a còig air clàr na cruinne, às dèidh dhaibh a' chùis a' dheanamh air a' Chumrigh aig Murrayfield Disathairne.

Sin an toradh as àirde riamh a th' air a bhith aig an sgioba nàisteanta, agus an clàr glè chudromach air thoiseach air taghadh bhuidheanan Cupa na Cruinne.

Chan urrainn do dh' Alba bhith coimhead cho fada sin air adhart ge-tà, is Sassainn air fàire an ceann cola-deug.