Nì FiSH gearain mu Chomhairle nan Eilean Siar

Nì a' bhuidheann iomairt FiSH - Families into Sport for Health - gearain oifigeil mu Chomhairle nan Eilean Siar. Tha buill na buidhne diombach nach gabhadh a' chomhairle airgead bhuapa airson Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh Là na Sàbaid. Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh nach biodh e iomchaidh an t-aigead aig FiSH a ghabhail bho nach urrainn dhaibh a chleachdadh mar a tha a' bhuidheann ag iarraidh. Tha tuilleadh aig Ruairidh Rothach ...