Naidheachdan 11:00m
Thòisich an coronair air a bhreithneachadh aig an rannsachadh mu bhàs 30 duine à Breatainn ann an ceannairc ann an Tunisia bho chionn faisg air dà bhliadhna. Chaill 38 duine uile gu lèir am beatha nuair a loisg fear Ioslamach le gunna orra air an tràigh aig taigh-òsta ann an Sousse anns an Ògmhios ann an 2015.
Thuirt an t-àrd-oifigeach poilis ann an siostam dìon cloinne Bhreatainn nach bu chòir casaidean a thogail an aghaidh paedophiles nach eil nan cunnart corporra do dh'òigridh. Thuirt Simon Bailey gu bheil an siostam a' dol fodha leis na th' ann de dh'aithrisean air drabastachd an aghaidh cloinne. Tha esan a' moladh comhairle agus oideachadh, seach casaidean, do dh'eucoirich aig ìre ìseil, a leithid a bhith a' coimhead ìomhaighean drabasta air-loidhne. Thuirt e gu bheil e a' tuigsinn gum bi dragh ann mun rud a tha e a' moladh ach gum feumar rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh a th' ann an-dràsta.
Thàinig dearbhadh bhon àrd-fhear-lagha ann am Mailèisia gun tèid casaid mhuirt air dithis bhoireannach a tha fo amharas mu bhàs leth-bhràthar Cheannard Choirea a Tuath. Tha binn bàis ron dithis bhoireannach, à Indonìsia agus Bhietnam, an dèidh marbhadh Kim Jong-nam aig Port-Adhair Kuala Lumpur bho chionn cola-deug nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt air leis a' phuinnsean VX. Tha Coirea a Deas agus na Stàitean Aonaichte an amharas gur e Coirea a Tuath a bha air cùlaibh a' mhuirt.
Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gur e briseadh-dùil a th' ann nach fhaigh iad airgead bho Aonta Baile Inbhir Nis agus na Sgìre airson seirbheisean-adhair a stèidheachadh às ùr dhan eilean. Bha Hamish Friseal a' bruidhinn agus Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair air a bhith a' beachdachadh air na bunnachdan a dh'fhaodadh an sgìre fhaighinn bhon aonta. Tha an Comh. Friseil ag ràdh gum feumar beachdachadh às ùr air airgead fhaighinn airson na seirbheis-adhair.
Tha a h-uile coltas ann a-nis gun tog a' choimhearsnachd ann an Sròn an t-Sìthein togalach-sgoile ùr dhan sgìre. Tha a' bhuidheann a tha gu bhith a' gabhail thairis uallach agus ruith na sgoile iad fhèin dhan choimhearsnachd air cha mhòr £150,000 a thogail, gu math nas motha na an £100,000 air an robh iad ag amas.
Bidh coinneamh air an Tairbeart anns na Hearadh a-nochd a' bruidhinn air Comann Eachdraidh na Hearadh a chur air seasamh nas fheàrr agus còrr 's deich bliadhna ann a-nis bho bha togalach ceart aig a' bhuidhinn. Agus thèid bruidhinn cuideachd air Comann Eachdraidh Sgalpaigh a stèidheachadh às ùr.