Sgioba WIIGA air ainmeachadh airson na Geamaichean Eileanach

Tha Comann Geamannan Eileanach nan Eilean Siar air an sgioba aca airson geamannan Ghotland anns an t-Suain ainmeachadh.

Thèid na geamannan ann an Gotland a chumail eadar an 24mh agus an 30mh dhen Òg-mhios am bliadhna.

Bhuannaich sgioba nan Eilean Siar 20 bonn aig Geamannan Jersey ann an 2015.

Tha na geamannan gam cumail a h-uile dà bhliadhna.