Chaidh Càrlabhagh troimhe air breaban-peanais anns a' chiad cuairt de Chupa ABC

Chaidh Càrlabhagh troimhe air breaban-peanais anns a' chiad cuairt de Chupa ABC, 's iad a' dèanamh na cùise air sgioba a' Bhac.

'S iad Càrlabhagh a bhuannaich an Cupa an-uiridh, agus leis an dà thaobh co-ionnan às dèidh ùine àbhaisteachd, bha feum air ùine a bharrachd agus breaban-peanais.